Prionnsabalan prìobhaideachd an dàta

Tha na còig prionnsabalan a leanas stèidhichte air manifesto Mozilla agus ’gar stiùireadh is sinne:

  • a’ leasachadh a’ bhathair is nan seirbheisean againn
  • a’ cumail rian air an dàta a chruinnicheas sinn mun luchd-chleachdaidh againn
  • a’ taghadh is a’ dèiligeadh ri com-pàirtichean
  • a’ dealbhadh a’ phoileasaidh phoblaich is ar n-obrach brosnachaidh
  1. Gun dad dìomhair

    Cleachd is co-roinn fiosrachadh air dòigh shoilleir agus a chum math a’ chleachdaiche.

  2. Smachd a’ chleachdaiche

    Leasaich bathar is brosnaich deagh-chleachdaidhean a bheir smachd air an cuid dàta ’s na nì iad air loidhne dhan luchd-chleachdaidh.

  3. Dàta cuingichte

    Cruinnich dìreach na tha feum air, gun urra gu na h-ìre as fhaide agus sguab às e nuair nach eil feum air tuilleadh.

  4. Roghainnean ciallach

    Dealbh cothromachadh rèidh eadar sàbhailteachd is cofhurtachd.

  5. Dìon làidir

    Dìon daingeann làidir air dòigh a ghabhas a dhearbhadh gu follaiseach.